Faodaidh è bhith doirbh obair agus beatha a’ chothromachadh, agus gu tric tha seo sònraichte duilich mu ‘s è pàrant a th’unnad.
Tha am prògram againn, “Màthraichean ann an Gnothachas”, air duaisean a’ chosnadh agus chaidh a dhealbhachadh gus taic a’ thoirt do bhoireannaich le cloinn a’ tha beachdachadh air gnothachas a’ stèidheachadh dhaibh fhèin mar dòigh sùbailte airgead a’ theachd a-steach. Trobh bùthan-obrach, thèid am prògram càirdeach agus eadar-ghnìomhach seo thairis air na ceumanan deatamach airson plana-gnothachas freagaireach a’ chruthachadh.
‘S è Màthraichean ann an Gnothachas pàirt dham prògram eadar-eileanach TalEntEd a’ tha air a’ mhaoineachadh le 5.9m bho riaghaltasan na h-Alba agus an RA mar pàirt de’n Islands Growth Deal.
Buannaiche Com-Pàirteachadh Gnìomhachas Barraichte aig Duaisean Àrd-Fhòghlaim an Herald 2023.
Mu’n am Prògram
- Maonaichte Air Fad – cha bhith cosgais ann dhiutsa
- Dh'fhaodadh gum bidh maoineachadh sìl shuas gu £200 ri fhaighinn
- Prògram bùthan-obrach 7-seachdain
- 100% air-loidhne
- Bùthan-obrach eadar-ghnìomhach, dà-uair a’ thìde, beò, da thuras ‘s an t-seachdain aig an aon àm
- Àrainneachd taiceil le boireannaich ga stiùireadh
- Stuth-obrach ri fhaighinn air loidhne
- Seachdain dheth làithean saora na sgoile
- Seisean tòiseachadh meadhan an t-Sultain
Na dh’Ionnsaicheas Tu
Thèid na bùthan-obrach dà uair a’ thìde seo an cuir air bhog dà thuras gach seachdain, gach madainn Dhimàirt agus Dhiciadain eadar 10 agus 12. Bu chòir do luchd-pàirteachaidh frithealadh air a’ h-uile seisean.
Seachdain 1 – brosnachadh is luachan
Dimàirt 16 an t-Sultain & Diciadain 17 an t-Sultain 2025
Bheir a’ chiad seisean cothrom dhiut eòlas a’ chuir air a’ bhuidheann agus air a’ phrògram. Smaoinichidh tu mu dè tha ga do ghluasad gus obair air do cheann fhèin, agus sgrùdadh a’ dhèanamh air na luachan pearsanta agad.
Seachdain 2 – mo ghnothachas is mo luchd-ceannaich
Dimàirt 23 an t-Sultain & Diciadain 24 An Dàmhair 2025
A’ cleachdadh teòiridhean is innealan ùr-nodha, ionnsaichidh tu dè mar is urrainn dhiut dealbhachadh na tha an gnothachas agad a tabhann. Cuiridh tu eòlas air do luchd-ceannaich agus dè mar as urrainn dhut na feumalachdan aca a choileanadh gu h-eifeachdach.
Seachdain 3 – goireasan, gnìomhan & sanasachd
Dimàirt 30 an t-Sultain & Diciadain 1 an Dàmhair 2025
Smaoinich air na gnìomhan is goireasan bunaiteach agus air com-pàirtichean airson do ghnothachas. Ionnsaich na dòighean sanasachd is eifeachdach airson do ghnothachas tro margaidheachd, branndachadh, reic, agus na meadhanan-sòisealta.
Làithean saora na sgoile
Dimàirt 7 an Dàmhair - Diciadain 29 an Dàmhair 2025
No workshops, market research should be undertaken during the break.
Seachdain 4 – a’ dèanamh airgead
Dimàirt 4 an t-Samhain - Diciadain 5 an t-Samhain 2025
Dè mar a nì thu cinnteach gu bheil teachd-a-steach nas àirde na na cosgaisean? Dè mar is urrainn dhut cosgaisean a’ ghearradh agus teachd a-steach àrdachadh? Smaoinich air ro-innleachdan phrìsean airson do sheirbheisean agus do thoraidhean.
Seachdain 5 - lagh is riaghailtean
Dimàirt 11 an t-Samhain - Diciadain 12 an t-Samhain 2025
Ionnsaich mu’n lagh a thaobh gnìomhachasan, diofar ghnothachasan (Ltd, neach-malairt aonair, etc). Ionnsaich mu féin-mheasadh, àrachas nàiseanta, VAT, cunntaisean-banca agus cur eòlas air buidhnean taic anns an sgìre.
Seachdain 6 – ga dhèanamh
Dimàirt 18 an t-Samhain - Diciadain 19 an t-Samhain 2025
Mar a dh’fhàsas tu nas misneachail unnad fhèin is ‘sa ghnothachas agad. Faigh molaidhean air dòighean eifeachdadh air amasan do ghnothachas a’ dhearbhadh agus amasan airson an t-àm ri teachd a’ chruthachadh.
Seachdain 7 – boireannaich ann an gnothachas
Dimàirt 25 an t-Samhain - Diciadain 26 an t-Samhain 2025
Cluinn bho luchd-bruidhne agus ionnsaich dè mar a’ nì thu an cùis air dùbhlain cumanta is mar a’ chleachdas tu na goireasan agus lìonraidhean a’ tha ri làimh dhut.
Cò dha tha am prògram?
Tha am prògram airson màthraichean agus feadhainn le dleastanasan pàrantal.
Feumaidh luchd-iarrtas bhith beò anns na h-Innse Gall, Arcaibh, no Sealtainn.
Cluinn bhon luchd-pàirteachaidh againn
Tha luchd-pàirteachaidh Pippa agus Leticia a’ dearbhadh an ùine acasan anns am prògram:
Dèan Iarrtas
Ceann-là dùnaidh Diciadain 3mh de’n t-Sultain, 2025.
Bu chòir do thagraichean iarrtas a’ dhèanamh tràth oir tha àitean ri fhaighinn a-rèir cuin a’ nochdas iad.
Ceistean?
Cuir fios gu Dawn Shand, Manaidsear Ionnsachaidh (Iomairt):
Tha am prògram TalEntEd eadar-eileanach maonaichte le £5.9 millean bho riaghaltasan na h-Alba agus an RA mar phàirt den Islands Growth Deal. Chaidh an Deal a leasachadh le Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus Comhairle Shealtainn, ann an com-pàirteachas le buidhnean poblach, acadaimigeach, gnìomhachais, coimhearsnachd agus bhon treas roinn. Tha è ag amas air rianadh beartas agus goireasan sònraichte na h-eileanan airson gnìomhachasan ùr-ghnàthach aig an ìre is àirde a’ chruthachadh a’ bheir piseach air na droch dhuilgheadasan deamografachd a’ th’ann agus a neartaicheas na tabhartasan cudthromach agus sònraichte a’ bhios na h-eileanan a’ cuir ri neart eaconomach agus cliù eadar-nàiseanta na h-Alba agus an Rìoghachd Aonaichte. Tha barrachd fiosrachadh ri lorg aig: